Κυριακή, Φεβρουαρίου 26, 2006

a' chiad leasan

(Tha na leasanan seo a' tighinn bho http://www.gottwein.de/grueb/gr000.htm)

Ἔχω φίλον. - Ἔχω φίλους.
Θαυμάζ
ω τὸν φίλον. - Θαυμάζομεν τοὺς φίλους.
Πιστεύ
εις τῷ φίλ. - Πιστεύετε τοῖς φίλοις.
φίλος πιστεύει τῷ λόγῳ τῷ τοῦ φίλου. - Οἱ φίλοι πιστεύουσι τοῖς λόγοις τοῖς τῶν φίλων.
Πείθ
ω τὸν φίλον λόγ. - Πείθομεν τοὺς φίλους λόγοις.

Dè tha sinn a' faicinn anns na seantansan seo? Seo an gràmar a dh' fheumas sinn:

λόγος ----- οἱ λόγοι
τοῦ λόγου ----- τῶν λόγων
τῷ λόγ----- τοῖς λόγοις
τὸν λόγον ----- τοὺς λόγους
(ὦ) λόγ
ε

Seo a' chiad bhuidheann ainmearan fireanta, le -ος. Tha iad gu math coltach ris na h-ainmearan fireanta Laidinn le -us. Mar sin, chan eil iad doirbh ri ionnsachadh, nam bheachd-sa ;-)

Tha na sràcan a' sealltainn càit a bheil an cudthrom anns gach facal. Anns an fhacal seo,
λόγος, chan eil an cudthrom ag atharrachadh idir eadar na tuisealan. Tha faclan eile ann, anns a' bhuidheann fireanta seo, anns a bheil an cudthrom ag atharrachadh, ach chì sinn sin latha eile.

Tha ceithir tuisealan aig na faclan Grèugais: ainmeach, ginideach, tabhartach, cuspaireach, tha sin gu math àbhaisteach, coltach ri Laideann no Gearmailtis, agus tha an tuiseal gairmeach ann
cuideachd, coltach ris a' Ghàidhlig.

A-nis, na gnìomhairean:

παιδεύω ----- παιδεύομεν
παιδεύ
εις ----- παιδεύετε
παιδεύ
ει ----- παιδεύουσι(ν)

παιδεύειν (infinitive, chan eil mi cinnteach a bheil facal Gàidhlig ann airson sin, o chionn 's nach eil an rud seo ann 'sa Ghàidhlig)

Seo eisimpleir airson gnìomhair riaghaltach. A-rèir coltais, tha mòran ghnìomairean mi-riaghaltach ann 'san Seann Ghrèugais, ach bidh sin ceart gu leòr, tha mi an dòchas.
Tha an gnìomhair riaghaltach rud beag coltach ri Laideann cuideachd, tha mi a' smaoineachadh, ged nach eil sin cho soillear ri leis na h-ainmearan.

FACLAN - λόγοι

ὁ φίλος - caraid; tha a h-uile facal Beurla le "phil-" a' tighinn bhon fhacal seo
ὁ λόγος - facal, òraid, beachd; facal le iomadh chiall
ὁ φθόνος - farmad
ὁ πόνος - obair, èiginn; tha sin ceangailte ri "poena" ann an Laideann
ὁ τρόπος - dòigh, gnàths; facal eile le iomadh chiall

(Leis na gnìomhairean, bidh am facal Grèugais leis a' chrìoch airson "mi", mar as àbhaist anns na faclairean, coltach ri Laideann a-rithist, ach sgrìobhaidh mi an ainmear gnìomhaireach 'sa Ghàidhlig, no uaireannan feumaidh mi a mhìneachadh ann an dòigh eile.)
ἔχω - tha ... agam
θαυμάζω - a' toirt iongnadh, a' gabhal tlachd
πιστεύω - a' cur earbsa / dòchas
παιδεύω - a' togal cuideigin, a' toirt foghlam; tha "pedagogic" 's a h-uile rud a' tighinn bhon a-sheo
πείθω - a' dearbhadh do chuideigin
φεύγω - a' teicheadh, a' seachnadh; ceangailte ri "fugere" ann an Laideann
γάρ - oir (dàrna àite 'san seantans, coltach ri Laideann "enim")
φέρω - a' giùlan, a' toirt; ceangailte ri "ferre" ann an Laideann - agus le "beir" anns a' Ghàidhlig
οὐ, ri fuaimreag: οὐκ - cha / chan
πρέπω - a bhith freagarrach
λείπω - a' fàgail
ἐν + tuiseal tabhartach - ann an, aig, a-staigh
γιγνώσκω - tha fios, tha cuideigin eòlach air, a' tuigsinn, a' measrachadh, a' dèanamh co-dhùnadh; tha sin ceangailte ri "cognoscere" agus rudan mar "recognize" nam bheachd-sa.