Κυριακή, Φεβρουαρίου 26, 2006

ceart ma-tha...

... tha plana agam. Is toigh leam seo. Sgrìobhaidh mi leasan às gach leabhar - hmm, cha sgrìobh gach latha, ach gu bhith gach latha, tha mi a' smaoineachadh. Tha 60 leasanan anns an leabhar Κανθαρος, tha 76 leasanan air an làrach-lìn www.gottwein.de, agus tha 84 leasanan anns an leabhar gorm bho Ulli. Tha gu leòr ann :-)

Agus bho àm gu àm cuiridh mi sgeulachd le Aesop ann cuideachd, tha leabhar beag dà-chànanach agam.

Is dòcha nach sgrìobh mi na faclan gu ceart gach turas leis a h-uile sràc is rudan ᾽ ῍ ῝ ῭ ῀ ῁ eile... tha sin gu math slaodach, agus tha mi ro leisg ;-) Agus cha do sgrìobh iad na rudan sin anns na seann laithean nuair a thoisich iad Seann Ghrèugais a sgrìobhadh... cha do rinn iad sin ach nas anmoiche nuair a bhitheadh daoine ag ionnsachadh a' chànain agus nuair a thoisich iad leabhraichean gràmair a sgrìobhadh.