Κυριακή, Φεβρουαρίου 26, 2006

rudeigin àlainn

Χάος ἦν καὶ Νὺξ Ἔρεβός τε μέλαν πρῶτον καὶ Τάρταρος εὐρύς͵ Γῆ δ΄ οὐδ΄ Ἀὴρ οὐδ΄ Οὐρανὸς ἦν· Ἐρέβους δ΄ ἐν ἀπείροσι κόλποις τίκτει πρώτιστον ὑπηνέμιον Νὺξ ἡ μελανόπτερος ὠιόν͵ ἐξ οὖ περιτελλομέναις ὥραις ἔβλαστεν Ἔρως ὁ ποθεινός στίλβων νῶτον πτερύγοιν χρυσαῖν͵ εἰκὼς ἀνεμώκεσι δίναις. οὗτος δὲ Χάει πτερόεντι μιγεὶς νυχίωι κατὰ Τάρταρον εὐρύν ἐνεόττευσεν γένος ἡμέτερον καὶ πρῶτον ἀνήγαγεν εἰς φῶς. πρότερον δ΄ οὐκ ἦν γένος ἀθανάτων͵ πρὶν Ἔρως ξυνέμειξεν ἅπαντα· ξυμμειγνυμένων δ΄ ἑτέρων ἑτέροις γένετ΄ Οὐρανὸς Ὠκεανός τε καὶ Γῆ πάντων τε θεῶν μακάρων γένος ἄφθιτον.

(le Orphica, Γένεσις)

Cuiridh mi eadar-theangachadh agus mìneachadh ann uaireigin :-) No is dòcha gun dèan sinn e còmhla...

dàrna leasan pàirt 1

Θαυμάζομεν τὸν γεωργόν.
βίος πολλάκις πόνους φέρει τ γεωργ, δὲ γεωργὸς τὸν πόνον οὐ φεύγει.
Οἱ ἀγροὶ οὐκ ἀεὶ φέρουσι καρπούς.
Οἱ τῶν γεωργῶν υἱοὶ τοὺς ἵππους ἄγουσιν εἰς τοὺς ἀγρούς.
Οἱ ἵπποι τοὺς καρποὺς ἐκ τοῦ ἀγροῦ φέρουσιν.
Ὦ υἱοί, πιστεύετε τῷ θε· εὖ γὰρ φυτεύετε σὺν τῷ θε.
Γιγνώσκεις, ὦ γεωργ, τοὺς τοῦ οὐρανοῦ νόμους.
Καρποὺς θῦε ἐν τ βωμ.
Πολλάκις ἀγρὸς καρποὺς οὐ φέρει.
Οὐκ ἔχομεν ἵππους.
φίλος οὐχ ἥκει.


Chan eil mòran rudan ùra a' tachairt an-seo. Tha sinn a' faicinn eisimpleir eile leis na h-ainmearan fireanta le -ος, chan eil ach na sràcan - an cudthrom - eadar-dhealaichte bho λόγος:
ἀγρός ----- ἀγροί
ἀγροῦ ----- ἀγρῶν
ἀγρ ----- ἀγροῖς
ἀγρόν ----- ἀγρούς
ἀγρ


Leis na gnìomhairean tha sinn a' faicinn is -ετε airson modh àithneach ("dèan!" no "dèanaibh!") agus chan eil dad sam bith eile ann anns an leasan seo :-)

Seo na faclan ùra:

ὁ ἵππος - each
ὁ ἀγρός - achadh
ὁ καρπός - meas, buain (tha am facal Beurla "harvest" co-cheangailte ri seo)
ὁ υἱός - mac

ἥκω - tighinn
φυτεύω - togal lusan, cur lusan anns an talamh
ἄγω - saodachadh, spàrradh, toirt
θύω - ìobair

πολλάκις - gu tric
εὖ - gu math
ἀεί - an còmhnaidh
σύν - le, còmhla ri
ἐκ + ginideach, ri fuaimreag: ἐξ - à, bho, a-mach

Eadar-theangachadh gu Seann Ghrèugais:

Tha an tuathanach a' toirt / a' saodachadh nan each air an achadh.
Chan eil tuathanaich a' seachnadh an obrach.
Tha eich aig mic an tuathanaich.
Cuir earbsa ann an dia, a thuathanaich!
Tha na h-eich a' toirt measan às na h-achaidhean.

Hmm, dè na seantansan eile am b' urrainn dhuinn a dhèanamh leis ar cuid faclan gu ruige seo? Feuchaidh mi latha eile :-)

ceart ma-tha...

... tha plana agam. Is toigh leam seo. Sgrìobhaidh mi leasan às gach leabhar - hmm, cha sgrìobh gach latha, ach gu bhith gach latha, tha mi a' smaoineachadh. Tha 60 leasanan anns an leabhar Κανθαρος, tha 76 leasanan air an làrach-lìn www.gottwein.de, agus tha 84 leasanan anns an leabhar gorm bho Ulli. Tha gu leòr ann :-)

Agus bho àm gu àm cuiridh mi sgeulachd le Aesop ann cuideachd, tha leabhar beag dà-chànanach agam.

Is dòcha nach sgrìobh mi na faclan gu ceart gach turas leis a h-uile sràc is rudan ᾽ ῍ ῝ ῭ ῀ ῁ eile... tha sin gu math slaodach, agus tha mi ro leisg ;-) Agus cha do sgrìobh iad na rudan sin anns na seann laithean nuair a thoisich iad Seann Ghrèugais a sgrìobhadh... cha do rinn iad sin ach nas anmoiche nuair a bhitheadh daoine ag ionnsachadh a' chànain agus nuair a thoisich iad leabhraichean gràmair a sgrìobhadh.

a' chiad leasan às an leabhar gorm aig Ulli ;-)

Chan eil fhios agam dè an tiotal a tha air an leabhar seo, rinn Ulli leth-bhreac air mo shon agus 's e an "leabhar gorm" a chanas mi ris, oir tha a' chiad duilleag le pàipear gorm.

Ὁ λόγος πείθει.
Ὁ τοῦ φίλου λόγος πιστός ἐστιν.
Ὁ φίλος τὸν φίλον στέργει.
ὦ φίλε, χαῖρε.
δεῖ πόνον φέρειν.

Gun teagamh cha bhi e doirbh dhuibh na rudan anns na seantansan seo a lìonadh:

Ὁ νόμ.... κελεύ....
Ὁ τοῦ βί.... χρόνος μακρ.... ἐστιν.
Ὁ δῆμος ὑπακούει τῷ νόμ....
Ὁ νόμοσ τὸν ἄνθρωπ.... παιδεύει.
ὦ ἄνθρωπ.... ὑπακου.... τῷ νόμῳ.
Δεῖ τῷ νόμῳ ὑπακού....

Seantansan eile às an leasan seo:

Ὁ ἥλιος λάμπει.
Ὁ ἄνθρωπος προσβλέπει τὸν ἥλιον.
Χαίρει τῷ ἡλίῳ.
Τὸν ἄνθρωπον πόθος εχει τοῦ ἡλίου.
Ὁ ἥλιος φίλος ἐστὶ τῷ ἀνθρώπῳ, φέρει δὲ καὶ κίνδυνον.
Χαῖρε, ὦ ἥλιε.
Ὁ γεωργὸς πιστεύει τῷ θεῷ.
Ἔχει βωμὸν τοῦ θεοῦ ἐν τῷ οἴκῳ.
ἀναβλέπει εἰς τὸν οὐπανόν.
Ὁ τοῦ μὲν γεωργοῦ οἷκος μικρός ἐστιν, ὁ δὲ τοῦ θεοῦ λαμπ
ρός.

Faclan air nach robh sinn eòlach roimhe:

βίος - beatha
δῆμος - sluagh
νόμος - lagh
χρόνος - àm, ùine
γεωργός - tuathanach
βωμός - leac-ìobairt
κίνδῦνος - cunnart
ἥλιος - grian
οἶκος - taigh

κελεύω - stiùireadh, toirt riaghaltan
στεργω - tha gaol aig cuideigin air...
ὑπακούω -
a bhith umhail
χαίρω - a bhith toilichte
δεῖ - feumar
λάμπω - boillsgeadh
ἀναβλέπω - coimhead suas air
προσβλέπω - coimhead air

μακρός - mòr, fada
πιστός - earbsach
φίλος - snog, laghach
μῖκρός - beag
λαμπρός - soilleir, deàrsach

εἰς - gu, ann an

ceangail inntinneach

http://www.ellopos.net
http://www.greek-language.com

:-)

ciad leasan eile ;-)

Seo a' chiad leasan às an leabhar "Κανθαρος" a chleachdar anns na sgoiltean anns a' Ghearmailt far a bheil na sgoilearan fhathast ag ionnsachadh Seann Ghrèugais (chan eil mòran ann, ach tha fear ann gu math faisg orm anns a' bhaile agam... toisichidh iad le Laideann mar chiad chànan chèin, agus gu tric bidh mi a' toirt taic do sgoilearan bhon sgoil sin ;-)).

Rud eile, tha am prògram beag seo gu math feumail:
http://users.ox.ac.uk/~tayl0010/letters_table_caretpos2.htm
Mòran taing do James Naughton airson sin!

Θαλῆς φιλόσοφος, εἷς τῶν ἑπτὰ σοφῶν, περὶ τοῦ κόσμου ὧδέ πως λέγει.
κόσμος νόον ἔχει, ᾥσπερ καὶ οἱ ἄνθρωποι νόον ἔχουσιν.
δὲ τοῦ κόσμου νόος θεός ἐστιν.
Ἀναξίμανδρος δὲ λέγει, ὅτι πολλοὶ κόσμοι εἰσὶν ἐν τ ἀπείρ και πολλοὶ οὐρανοί.
Τοὺς δὲ οὐρανοὺς Ἀναξίμανδρος νομίζει θεούς.


Tha sin beagan nas doirbhe na an leasan eile, nach eil? Ach is toigh leam e, o chionn 's gu bheil e ag innse mun fheallsanachd Ghrèugach, tha sin inntinneach. Tha tòrr fhaclan inntinneach ann cuideachd, sgrìobhaidh mi liosta a dh' aithghearr.

Sgrìobh mi-fhìn an teacsa seo às an leabhar an-seo, mar sin, ma chì sibh mearachdan, rinn mise iad! ;-)

Seo an liosta fhaclan:

ὁ φιλóσοφος - feallsanach
ὁ σοφός - saoi, duine glic
ὁ κόσμος - cruinne-cé, eagar na cruinne-cé
ὁ νóος - ciall
ὁ ἄνθρωπος - duine
ὁ θεός - dia
ὁ οὐρανός - iarmailt

λέγω - bruidhinn; (tha sin inntinneach, "legere" ann an Laideann = leughadh)
ἐστί(ν) - tha e / i
εἰσί(ν) - tha iad
νομίζω - aideachadh, creidsinn, smaoineachadh

ἑπτά - seachd
περί - mu dheidhinn
ὥσπερ - mar
καί - agus
δέ - ach (dàrna àite 'san seantans: ὁ δέ νóος)
ὅτι - oir, (o chionn 's) gu bheil...
πολλοί - mòran, tòrr

a' chiad leasan, pàirt 2

Ceart ma-tha, an robh sibh a' tuigsinn a h-uile rud? Chan eil an gràmar cho doirbh, a bheil? Tha facal no dhà beagan neònach, ach bidh sinn am faicinn gu tric anns na teacsan 's mar sin bidh iad nar cuimhne a dh' aithghearr. Seo seantansan eile:

φίλος τὸν φίλον παιδεύει.
Φίλοι τὸν φθόνον φεύγουσιν· γὰρ φθόνος πόνον φέρει.
Οὐ πρέπει λείπειν τοὺς φίλους ἐν τ πόν.
Τοὺς τῶν φίλων τρόπους ἐν πόνοις γιγνώσκεις.


Agus a-nis, anns an dòigh eile - feuchaibh ri eadar-theangachadh gu Seann Ghrèugais:

Tha caraidean againn.
Tha mi a' toirt earbsa anns an fhacal aig caraid.
Chan eil sibh a' fàgail an caraid anns an èiginn.
Tha thu a' gabhal tlachd ri gnàths a' charaid.
Tha e fragarrach do charaidean am farmachd a sheachnadh.

Agus mu dheireadh thall, sgeulachd bheag ;-) (uill, chan eil e uabhasach glic, ach sin mar a tha e leis na teacsan ann an leabhraichean ionnsachaidh, nach eil? Bheil cuimhne agaibh air an còmhradh mun phlèana bhig anns a' chiad no dàrna leasan ann an "Teach yourself Gaelic"?).

Μάρκον φίλον ἔχω
Μάρκον φίλον ἔχω. Μάρκῳ τῷ φίλῳ πιστεύω, τοὺς γὰρ Μάρκου τρόπους γιγνώσκω. Μάρκος πόνον οὐ φεύγει. Τὸν φίλον ἐν τῷ πόνῳ οὐ λείπει. Φίλοις οὐ γὰρ πρέπει λείπειν τοὺς φίλους ἐν τοῖς πόνοις. Πέτρον οὐκ ἔχομεν φίλον. Ὁ γὰρ Πέτρος τὸν φθόνον οὐ φεύγει. Λόγοις τὸν Πέτρον οὐ πείθομεν. Πέτρον φεύγομεν.

a' chiad leasan

(Tha na leasanan seo a' tighinn bho http://www.gottwein.de/grueb/gr000.htm)

Ἔχω φίλον. - Ἔχω φίλους.
Θαυμάζ
ω τὸν φίλον. - Θαυμάζομεν τοὺς φίλους.
Πιστεύ
εις τῷ φίλ. - Πιστεύετε τοῖς φίλοις.
φίλος πιστεύει τῷ λόγῳ τῷ τοῦ φίλου. - Οἱ φίλοι πιστεύουσι τοῖς λόγοις τοῖς τῶν φίλων.
Πείθ
ω τὸν φίλον λόγ. - Πείθομεν τοὺς φίλους λόγοις.

Dè tha sinn a' faicinn anns na seantansan seo? Seo an gràmar a dh' fheumas sinn:

λόγος ----- οἱ λόγοι
τοῦ λόγου ----- τῶν λόγων
τῷ λόγ----- τοῖς λόγοις
τὸν λόγον ----- τοὺς λόγους
(ὦ) λόγ
ε

Seo a' chiad bhuidheann ainmearan fireanta, le -ος. Tha iad gu math coltach ris na h-ainmearan fireanta Laidinn le -us. Mar sin, chan eil iad doirbh ri ionnsachadh, nam bheachd-sa ;-)

Tha na sràcan a' sealltainn càit a bheil an cudthrom anns gach facal. Anns an fhacal seo,
λόγος, chan eil an cudthrom ag atharrachadh idir eadar na tuisealan. Tha faclan eile ann, anns a' bhuidheann fireanta seo, anns a bheil an cudthrom ag atharrachadh, ach chì sinn sin latha eile.

Tha ceithir tuisealan aig na faclan Grèugais: ainmeach, ginideach, tabhartach, cuspaireach, tha sin gu math àbhaisteach, coltach ri Laideann no Gearmailtis, agus tha an tuiseal gairmeach ann
cuideachd, coltach ris a' Ghàidhlig.

A-nis, na gnìomhairean:

παιδεύω ----- παιδεύομεν
παιδεύ
εις ----- παιδεύετε
παιδεύ
ει ----- παιδεύουσι(ν)

παιδεύειν (infinitive, chan eil mi cinnteach a bheil facal Gàidhlig ann airson sin, o chionn 's nach eil an rud seo ann 'sa Ghàidhlig)

Seo eisimpleir airson gnìomhair riaghaltach. A-rèir coltais, tha mòran ghnìomairean mi-riaghaltach ann 'san Seann Ghrèugais, ach bidh sin ceart gu leòr, tha mi an dòchas.
Tha an gnìomhair riaghaltach rud beag coltach ri Laideann cuideachd, tha mi a' smaoineachadh, ged nach eil sin cho soillear ri leis na h-ainmearan.

FACLAN - λόγοι

ὁ φίλος - caraid; tha a h-uile facal Beurla le "phil-" a' tighinn bhon fhacal seo
ὁ λόγος - facal, òraid, beachd; facal le iomadh chiall
ὁ φθόνος - farmad
ὁ πόνος - obair, èiginn; tha sin ceangailte ri "poena" ann an Laideann
ὁ τρόπος - dòigh, gnàths; facal eile le iomadh chiall

(Leis na gnìomhairean, bidh am facal Grèugais leis a' chrìoch airson "mi", mar as àbhaist anns na faclairean, coltach ri Laideann a-rithist, ach sgrìobhaidh mi an ainmear gnìomhaireach 'sa Ghàidhlig, no uaireannan feumaidh mi a mhìneachadh ann an dòigh eile.)
ἔχω - tha ... agam
θαυμάζω - a' toirt iongnadh, a' gabhal tlachd
πιστεύω - a' cur earbsa / dòchas
παιδεύω - a' togal cuideigin, a' toirt foghlam; tha "pedagogic" 's a h-uile rud a' tighinn bhon a-sheo
πείθω - a' dearbhadh do chuideigin
φεύγω - a' teicheadh, a' seachnadh; ceangailte ri "fugere" ann an Laideann
γάρ - oir (dàrna àite 'san seantans, coltach ri Laideann "enim")
φέρω - a' giùlan, a' toirt; ceangailte ri "ferre" ann an Laideann - agus le "beir" anns a' Ghàidhlig
οὐ, ri fuaimreag: οὐκ - cha / chan
πρέπω - a bhith freagarrach
λείπω - a' fàgail
ἐν + tuiseal tabhartach - ann an, aig, a-staigh
γιγνώσκω - tha fios, tha cuideigin eòlach air, a' tuigsinn, a' measrachadh, a' dèanamh co-dhùnadh; tha sin ceangailte ri "cognoscere" agus rudan mar "recognize" nam bheachd-sa.